Nuair a bha mi'm chaileig ghoraich
Thug mi gaol 'us gradh do'n oigear
Aig am bheil a' phearsa bhòidheach
'S cha ghradhaich mi ri m'bheo fear eile
Hi horò 's na horo eile
Hi horò 's na horo eile
Hi horò 's na horo eile
Gur tu mo luaidh ri'm bheò cha cheil mi
Chaidh mi choill na crann's nan gallan
Chuir mi sùil am fiùran maiseach
B'ann an glaschu nam bùthan
A thug mi rùn do'n diùlnach fearail
Meur a's grinn' air peann a sgriobhas
'S a chuir gleus air teudan fidhle
'Se do cheòl do thogadh m'inntinn
An uair a bhithinn sgith fo smalan
Ach tha mise'n dùil 's an dochas
Gu'n tig an là 's am bi sinn comhla
'S ma bhios tusa dileas domhsa
Cha ghràdhaich mi ri'm bheò fear eile