hùg hó ill a ill ó
hùg hó o ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
seinn oho ró nàill i
moch sa mhadainn is mi dùsgadh
is mòr mo shunnd is mo cheòl-gáire
on a chuala mi am prionnsa
thighinn do dhùthaich chloinn ràghnaill
hùg hó ill a ill ó
hùg hó o ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
seinn oho ró nàill i
gràinne-mullach gach rìgh thu
slàn gum pill thusa theàrlaich
is ann tha an fhìor-fhuil gun truailleadh
anns a' ghruaidh is mòr nàire
hùg hó ill a ill ó
hùg hó o ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
seinn oho ró nàill i
mar ri barrachd na h-uaisle
dh' èireadh suas le deagh nàdar
is nan tigeadh tu rithist
bhiodh gach tighearna nan àite
hùg hó ill a ill ó
hùg hó o ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
seinn oho ró nàill i
is nan càraicht an crùn ort
bu mhùirneach do chàirdean
bhiodh loch iall mar bu chòir dha
cur an òrdugh nan gàidheal
hùg hó ill a ill ó
hùg hó o ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
seinn oho ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
hùg hó o ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
seinn oho ró nàill i