Nuair a ràinig mi'm bhaile
Cha robh aighear na ceòl ann
Na hua ho hua ho
Mo nighean donn bhòidheach
Na hua ho hua ho
Bha na mnathan ri fuaigheal
'S bha na maighdeannan brònach
Bha mo chraobh fhada dhìreach
Na shìneadh sa t-seòmar
I na sìneadh fon uinneig
Is cha chluinneadh i mo chòmhradh
'S truagh nach robh mi san fhiabhras
Mu'n do dh'iarr mi riamh pòg ort
'S truagh nach robh mi sa ghriùthach
Mus do lùig iad sinn pòsda
Fhir a chruthaich na dùilean
Cùm mi gun fhàs gòrach