Sèist:
Ni mi'm breacan uallach, a-dhiu-bhì
A' chuir air mo ghualainn, hò-rò-am-bò
A' dhìreadh ris na cruachan, a-dhiu-bhì
A' shealltainn air a' ghruagaich mu bheil an fhodhail
Is éibhinn leam an nì mi mar a chì mi nis e
Mar tha nighean sìne an an lag a' mhilidh
O'n a fhuair I'n dìleab tha móran mios oirr'
Tha gach fear an geall oirre anns a' mhionaid
Chan eil fear 'san àite nach bi 'ga tathaich
'S òrdan aig mo 'mhàthair a bhi 'ga leantainn
Uilleam aig caitrìon' agus peadar fleming
'S eachunn againn-fhìn bidh e dol 'n rathad
(Sèist)
Na cailleachan air chéilidh 's a taobh an teallaich
Togaidh iad beusan gu ruig a' ghealaich
Leis na fhuair I 'sheudan nuair dh'fhalbh a seanair
"Is I cho math gu fuaitheal, 's I fuathasach banail"
Tha seachd-bliadn' deug is còrr bho'n bha I 'fichead
'S cha robh fear an tòir oirre' chunnaic mise
Gus an d'fhuair I 'n tòrr a bh' aig fear na sgriodhaig
Noigeannan de'n òr a bh' aig anns a' chiste
(Sèist)
Am press a bh'anns an t-seòmar gur lìonmhor 'ulaidh
Cuimhneachain bh'aig domhnall air iomadh curaidh
Sporan agus cùnndadh a bh'aig rìgh uilleam
'S botul 'san robh ùngadh o'n ollamh mhuileach
Sgian-dubh agus tuagh bh'aig rob ruadh macgreogair
Claidheamh a bh' aig diarmad 's gu'n robh e biorach
Clogad a bh'aig fionn aic' ann agus biodag
Agus currachd-oidhche bh'aig calum cille
(Sèist)