A ribhinn bhòidheach nach toir thu géill dhomh
'S nach dèan thu éisdeachd le spéis ri m' chòmhradh
Mo bheatha saogh'lta gun saors', gun fheum dhomh
Mas e mo thréigsinn a nì riut còrdadh
D' ìomhaigh àlainn mar mhadainn chéitein
'S a' ghrian ag éirigh air sléibhtean ceòthar
Chan fhaca adhamh an gàrradh eden
Nas àill' na m'eudail am measg na ròsan
Dhutsa liùgainn bhith dlùth 'n àm éirigh
Fad mo rèis bhithinn réidh ri d' iarraidh
'S tu cuspair m' àraich, 's tu leigheas m' eucail
Iùl mo cheum, 's tu mo reul gu sìorraidh
Nì aois an sgiamh tha 'nad ìomhaigh fhuadach
'S a h-uile dual tha 'na d' chuailean a liathadh
Ach, och, mo chiat-s' dhut cha chiar 's chan fhuaraich
Bidh e, a luaidh, dol nas buan gach bliadhna
A ribhinn bhòidheach nach toir thu géill dhomh
'S nach dèan thu éisdeachd le spéis ri m' chòmhradh
Mo bheatha saogh'lta gun saors', gun fheum dhomh
Mas e mo thréigsinn a nì riut còrdadh