I bhì à dà, ù à iodailean;
I bhì à dà, adail iodail ù-an.
Ciamar a ruidhleas mo nighean
‘s dithis às a’rathad oirre?
Ciamar a ruidhleas mo nighean,
‘s ceathrair air an ùrlar.
‘s ioma rud a chunna mi,
‘s ioma rud a rinn mi;
‘s ioma rud a chunna mise
A-muigh air feadh na h-oidhche.
Chunna mi na cudaigean,
Na cudaigean, na cudaigean;
Chunna mi na cudaigean
A’cluich air allt na muilleadh.
Chunna mi na piseagan,
Na piseagan, na piseagan;
Chunna mi na piseagan,
Air spiris bean an t-saighdeir.