Chì Mi 'n Tìr Song Lyrics
Chì Mi 'n Tìr by Runrig Chì mi' n tìr 'san robh mi nam bhalach
'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
A tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad
'S I leinn an uair tighinn tuath air Scalpaigh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
Nam faighinn òrdugh gur mi bhiodh deònach
A' gheòla loradh 's a seòladh dhachaidh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
Chì mi 'n iasgair aig ceann nan lìon
Is gu'm b'e mo mhiann bhith 'sa chiar 'gan tarraing
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
Chì mi Manais is Ceann an t-Sàile
Caolas Bhearnaraigh is tràighean Phabaidh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
An sin thuirt Eoghainn 'se tighinn 'nam chòmhdhail
"Nach seall thu 'n Godaigh aig Sròn na Hearradh?"
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
Nuair thig an Dùbhlachd gun fag mi 'n Suna
Is e mo dhùil a dhol, le sunnd, dom dhachaidh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach
'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach